Òran Màiri Dhall (Och nan och, tha mi fo mhulad)

The great Gaelic singer from the Isle of Lewis, Mary Smith (Màiri Nic a’ Ghobhainn), is another person I’m ashamed to have waited this long to feature on the blog. I’m sure you’ll enjoy.

Composed by Mary MacIver. The song is known in Lewis as Òran Màiri Dhall. She was a Mary MacIver from Valtos in Uig, Lewis, although born on Pabay, and was but a year old when the island was cleared, therefore referred to as Bliadhnach Phabaigh. She emigrated to America but was so unhappy with homesickness that she eventually returned home just before the First World War. She remained in Lewis, where she died in 1920.

– according Tobar an Dualchais

Òran Màiri Dhall (Och nan och, tha mi fo mhulad)

Nuair a rinn mi airson fàgail
Fhuair mi beannachd mo chàirdean
Ghabh mi ‘n t-aiseag air a’ bhàt’
Gu ruig’ sàil nam beann mòr.

Och nan och, tha mi fo mhulad
Dhomhsa tha mo chòmhradh duilich
‘S cruaidh an càs ach ‘s fheusar fhulang
‘S mi fuireach ann an coille mhòir.

Nuair a thàinig mi air fòrladh
A dh’Ameireagaidh a chòmhnaidh
Chunnaic mi a’ sin luchd-eòlais
Anns gach dòich sa robh iad ann.

Chunnaic mi a’ sin na càirdean
‘S daoine nach robh idir blàth rium
Bidh mi cuimhneachadh na dh’fhàg mi
Tarraing ràmh sa seatadh seòl.

Bidh mi cuimhneachadh Sgir’ Uige
Far a bheil na daoine cliùteach
‘S tric a dh’fhàg sin mo shùilean
‘S ‘ad a’ sileadh driùchdan deòir.

‘S tric mi cuimhneachadh na h-àrmuinn
Bhiodh cho snasail Là na Sàbaid
Clann-nighean òg bu bhinne gàire
Tighinn air fàire Stiogha Mhòir.

‘S beag bha dhùil agam an uairsin
Gun tiginn a-null thar chuaintean
Far eil iomadh seòrsa truailleadh
Gu bhith buaireadh a’ chrìdh’ òig’.

Far eil Èireannaich is Frangaich
Agus Sasannaich na Galldachd
Daion’ aig a bheil ioma cainnt’
Nach tuig mo cheann-sa ri mo bheò.

Ach thèid mis’ air ais do Leòdhas
Àite còmhnaidh, seasmhach, bòidheach
Mairidh mi gu crìoch mo là ann
‘S gheibh mi sòlas ann ri m’ bheò.

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s