Oran Dhomhnaill Phadraig Lagain

Another Gaelic song from Kathleen MacInness. This one a lament song for the sudden passing of a man named Donald Peter.

Oran Dhomhnaill Phadraig Lagain

‘S bochd an naidheachd a fhuair sinn
‘S a ghluais mi gu dàn
Dòmhnall Phàdraig, mo thruaighe
Thugadh bhuainn e le bàs
Cò aige bha dùil ris
‘S tu cho sùnndach ‘s cho slàn
Cha robh sinn a’ smaointinn
Gum biodh do shaoghal cho geàrr

Dh’fhàg thu bean agus pàistean
‘S iad a’ rànaich ‘s a’ caoidh
‘S goirt a’ bhuill’ ann an fhuair iad
‘S a ghuail ann an cridh
Cha tog fidheall no òran
Am bròn rinn an clì
‘S ged a bhiodh iad measg òigridh
Bidh gach sòlas gan dìth

Chì sinn tràghadh is lìonadh
Chì sinn ealtainn is sprèidh
Chì sinn gealach is grian
‘S reultan a’ lìonadh nan speur
Ach chan fhaic sinn gu sìorraidh
Coiseachd feur ann thu fhèin
Ach guidheam fois leat, a Chrìosdaidh
‘S beannachd Dhia ann leat fhèin

Continue reading