Màili Dhonn

Back to Scotland for this snappy version of a song about a man who just really loves his boat –  with James Graham, Karen Matheson, and Julie Fowlis.

Màili Dhonn

Màili dhonn, bhòidheah dhonn,
Màili dhonn, thill i dhachaidh
Gruagach òg a chùil duinn,
Dh’ eireadh m’intinn air t’fhaicinn.

Gura mise tha gu tinn,
Cùl mo chinn air an leacann,
Bha mi (i) reimhe rotach, garbh
Air an fhairge ‘gam marcachd.

Gura mise tha gun spéird
Ann an Dùn Eideann ‘sa Sasann
Bha mi ‘reimhe am measg nan seòid
‘Cluich an òir air na cairtean.

‘Tighinn timcheall Rudha Lìod,
‘S iomadh gunna caol a’ lasadh.
Leig mo Mhàili ‘n siud m’a cluais,
Ghabh i ‘n cuan; ‘s ann bha ‘fasan.

Thog i ‘h-acraichean ann an Éirinn,
Leig i bréid ann an Sasann;
Bhuail i ‘sròn air tìr a’ Lìod,
‘S leig i ‘chridhe (?) ann an Glascho.

‘S ann an t-seachdain bho’n dé
Thog mi bréid ann an Sasann,
‘S ann a shamhlaich mi do cheum
Ri laogh féidh ‘s e aig astar.

Bha i siùbhlach gun mheathadh
Eadar cruinn agus ragan;
Darach nach teirig a choidh
Eadar druim agus plangan.

‘Nuair a theid mi chun na féill’
‘S e do bhréid a thig dhachaidh;
Tops’l ùr ‘ga dheanamh dlùth,
Ged chosgadh e crùn an t-slat dhomh